GB Energy Supply air a dhol fodha

Dealan

Tha companaidh chumhachd ris an robh Comhairle nan Eilean Siar a' còmhradh mu bhith a' stèidheachadh companaidh chumhachd anns na h-Eileanan Siar air a dhol fodha.

Dh'innis GB Energy Supply nach b' fhiach dhaibh cumail a' dol ri linn prìs mhòir na h-ola.

'S ann an 2012 a dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad am beachd companaidh chumhachd a steidheachadh.

'S e buidheann neo eimseileach a bhiodh ann an Cumhachd Innse Gall, ach bhiodh riochdairean bhon Chomhairle, buidheann taigheadais Innse Gall agus Urras Steòrnabhaigh a' toirt taic dhaibh.

Thuirt iad gum faodadh prìs dealain na bu shaoire a bhith ri fhaotainn do shluagh nan eilean

Bha an t-ùghdarras ionadail a' còmhradh ri grunn chompanaidhean cumhachd mun bhuidhinn, nam measg GB Energy Supply.

Chaidh innse Didòmhnaich gun deach iad fodha.

Thuirt àrd-stiùiriche na companaidh, Luke MacBhatair, gur e prìsean mòra a tha a' fàgail nach fhiach dhaibh cumail a' dol.

Thuirt fear-labhairt bho Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' dèanamh sgrùdaidh air an t-suidheachadh a th' ann agus a' coimhead air a h-uile roghainn.