Dragh mu ghluasad ola ann an Linne Mhoireibh
- Air fhoillseachadh
Thuirt luchd-iomairt gum faodadh e cron mòr a dhèanamh air an àrainneachd nam biodh e ceadaiche ola a ghluasad bho shoitheach gu soitheach ann an Linne Mhoireibh.
Bha timcheall air 50 duine aig coinneimh ann an Inbhir Ghòrdain oidhche Ardaoin gus Àrd-Stiùiriche Phort Chrombaidh a cheasnachadh mu na planaichean.
Tha am port a' feuchainn ri cead fhaighinn bho Bhuidhinn na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) airson seo a dhèanamh ach tha an luchd-iomairt ag ràdh gum faodadh e mileadh mòr a dhèanamh air an àrainneachd nan deadh ola a dhortadh.
Tha ùghdarrasan a' phuirt ag ràdh gu bheil am pròiseas sàbhailte agus gu bheil cead a dhìth airson leasachaidhean, gu h-àraid seach gu bheil cùisean cho duilich do ghnìomhachas na h-ola.
Tha an luchd-iomairt a' bagairt a dhol gu lagh ma thèid cead a thoirt seachad.