Strì a' leantainn 'son bàta-slaodaidh a' chosta an iar

ETV Anglian Princess Image copyright Other
Image caption Tha strì a' leantainn airson bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr.

Tha Comhairle nan Eilean Siar airson 's gun tèid stòras airgid a dh'fhoillsich an Seansalair a chleachdadh airson bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air an taobh siar.

Ann an Òraid an Fhoghair Dicadain thuirt an Seansalair gum biodh stòras de £102m ga stèidheachadh airson sàbhailteachd choimhearsnachdan bho chàintean a chaidh a chur air bancaichean a bhris riaghailtean LIBOR.

Thuirt Philip Hammond gum biodh an t-airgead seo ga chosg air na seirbheisean èiginn, carthannasan 's eile thairis air an ath-cheithir bliadhna.

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum bu chòir cuibhreann den airgead seo a bhith air a chosg air bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air taobh siar na h-Alba.

Chuireadh e dìon air beatha dhaoine, thuirt e, agus air an àrainneachd.

Chan eil ach aon bhàta-slaodaidh a-nis a' frithealadh air a' cheann a tuath gu lèir.

Thog Mgr Caimbeul cuideachd air na thachair leis a' chlàr-ola an Transocean Winner a chaidh air na creagan air taobh siar Leòdhais as t-Samhradh agus an call a dh'fhaodadh a bhith air tighinn an cois na tubaiste sin.

Thuirt Ceannard Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich, Sir Ailean Massey, nach robh a' chùis a' dearbhadh gun robh feum air an dàrna bàta-slaodaidh 's e a' toirt seachad fianais mu na thachair leis an Transocean Winner ann an Westminster Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile