Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Mhargaidh Shingilte

Dh'innis Prìomh Mhinistear na Cuimrigh dhan BhBC nach eil e idir a' smaointinn gum bu chòir do dh'Alba fuireach na pàirt de mhargaidh shingilte na h-Eòrpa às dèidh Bhrexit. Thuirt Carwyn Jones nach obraicheadh aontaidhean fa-leth eadar dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach. Bha Mgr Jones a' bruidhinn agus Comhairle Bhreatainn agus na h-Èireann a' coinneachadh ann an Cardiff.

Drabastachd

Tha tuilleadh dhaoine a b' àbhaist a bhith nan cluicheadairean ball-coise proifeasanta air tighinn air adhart 's iad ag ràdh gun do dh'fhulaing iad ionnsaighean drabasta sna h-80an agus na 90an. Chaidh loidhne-fòn sònraichte a chur air dòigh leis an NSPCC airson cothrom a thoirt do chluicheadairean a tha ag ràdh gun do dh'fhulaing iad ionnsaighean. Tha an SFA a' cur taic ris an loidhne.

A' Bhruaich

Tha poilis ann an Siorrachd Obar Dheathain a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chuir fireannach eagal mòr air balach aois naoi bliadhna anns a' Bhruaich. Bhruidhinn an duine, a bha a' falach aodainn le sgarf, ris a' bhalach air Sràid Noble anns a' bhaile mu 4:30f an-dè. Thuirt oifigearan gu bheil am fear a tha iad a' sireadh eadar 20 agus 40 bliadhna de dh'aois, mu 5'8" de dh'àirde. Bha seacaid dhorcha agus briogais bhàn air.

An Galar Lyme

Cuiridh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar iomairt shònraichte air chois ann an Uibhist airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mu ghartain agus an galar Lyme. A rèir fhiosrachaidh a fhuair Radio nan Gàidheal bho ionadan dhotair mu àireamhan Lymes tha e nas cumanta ann an Uibhist na ann am pàirtean eile de na h-Eileanan Siar.

Adam Mitchell

Tha na Poilis ann an Inbhir Nis air dealbhan CCTV a sgaoileadh mar phàirt de dh'iomairt gus lorg fhaighinn air Adam Mitchell. Chaidh Adam, a tha 18, a dhìth anns a' bhaile o chionn còrr is cola-deug. Tha na deilbh CCTV a' sealltainn Adam agus e a' coiseachd air Rathad an Longman mu 01:00m Diardaoin an 10mh là den mhìos. Tha na Poilis air a bhith a' dèanamh rannsachaidh mhionaidich anns an sgìre.

Gallaibh

Thuirt luchd-strì airson seirbheisean màthaireil ann an Gallaibh gun d' fhuair iad briseadh dùil uabhasach nuair a chuir am Prìomh Mhinistear taic ri planaichean NHS na Gàidhealtachd. Tha am Bòrd Slàinte airson an t-seirbheis a chur fo stiùir mhnathan-glùine, an àite àrd-lighichean, agus thèid sin a dheasbad aig coinneimh den bhòrd air an t-seachdain seo tighinn. Bha Nicola Nic na Ceardaich on bhuidhinn CHAT ag ràdh gun deach innse dhaibhsan gun deadh co-luadair poblach a dhèanamh air na planaichean. Tha i ag ràdh gun cumadh iad orra a' strì an aghaidh nam molaidhean.