Tuilleadh bhall a dhìth air BnaG

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha suas ri triùir bhall ùra gan sireadh

Tha suas ri triùir bhall ùra gan sireadh airson Bòrd na Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba air sanas a chuir a-mach 's triùir dhen na buill gu bhith a' leigeil dhiubh an dreuchdan a dh'aithghearr.

Tha na dreuchdan seo pàirt-thìde agus tha dùil gun cuir buill seachad co-dhiù 36 latha sa bhliadhna air obair a' bhùird 's a' frithealadh choinneamhan air feadh na dùthcha.

Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ron 16mh là dhen Dùbhlachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh