Loganair a' leudachadh sna h-Eileanan

Loganair

Thèid barrachd sheirbheisean adhair air ais agus air adhart eadar Steòrnabhagh agus Beinn na Fadhla a chuir air dòigh fo chlàr-ama ùr Loganair.

Thèid itealain nas motha a chuir air a' chuid mhòr de sheirbheisean eadar Steòrnabhagh is Glaschu agus air seirbheisean na deireadh sheachdain eadar Beinn na Fadhla is Glaschu.

Tòisichidh na h-itealain nas motha - Saab 2000 - a' frithealadh na seirbheis eadar Glaschu is Steòrnabhagh air 27mh den Mhàrt 2017.

Seirbheis ùr

Dh'fhoillsich a' chompanaidh cuideachd gun tèid seirbheis ùr a chuir air chois eadar Steòrnabhagh is Manchester a bhios a' falbh dà thuras gach là air ais agus air adhart agus a bhios a' stad gu h-aithghearr ann an Glaschu neo ann an Inbhir Nis.

Bidh faraidhean eadar Steòrnabhagh is Manchester, fo sgeama nam faraidhean saora, an ADS, a' tòiseachadh aig £47.38 a-rèir Loganair.

Thèid an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis atharrachadh cuideachd - le seirbheis dìreach gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd seach a bhith air bòrd seirbheis Dhùn Èideann.

Bho Dhiluain gu Diardaoin, sa mhadainn, thèid seirbheisean dìreach eadar Steòrnabhagh is prìomh bhaile na h-Alba, a thuilleadh air oidhche Dhiardaoin agus Dihaoine.

"Leudachadh"

Thuirt Àrd-stiùiriche Loganair Ionatan Hinkles gu bheil an leudachadh sa ag amas air seirbheisean agus suidheachain a bharrachd a thabhainn air slighean nan Eilean Siar.

Thuirt Mgr Hinkles cuideachd gu bheil an clàr-ama ùr ga dhèanamh follaiseach gu bheil a' chompanaidh dìleas dha na h-Eileanan.

Bidh Loganair a' ruith sheirbheisean air an ceann fhèin bho thoiseach na Sultainne 2017 nuair a thig a' cho-bhonntachd aca le Flybe gu ceann.