Leaghadair Loch Abair ga reic

Image copyright Philip Williams/Geograph

Chaidh innse do luchd obrach Rio Tinto Dimàirt gu bheil iad air tighinn gu aonta le co-bhanntachd de chompanaidhean - SIMEC agus Liberty House - airson leaghadair a' Ghearasdain a ghabhail thairis.

Tha an t-aonta cuideachd a' gabhail a-steach nan goireasan haidhdro ann an Ceann Loch Lìobhain agus am fearann eile aig a bheil gnothach ris an làraich sin air fad.

Chaidh mìosan de cho-chomhairleachadh a chumail eadar Rio Tinto, Riaghaltas na h-Alba agus luchd-ceannach a dh'fhaodadh an leaghadair a ghabhail os làimh.

Obraichean

Tha mu 170 duine ag obair ann agus 's e aon dha na prìomh àiteachan obrach ann an sgìre Loch Abair.

Fon aonta, thathar dòchasach gun tèid na h-obraichean a dhìon.

Thuirt Ceit Fhoirbheis, BPA na sgìre, gu robhar air a bhith ag amas air dreuchdan a ghlèidheadh agus obair a chumail san leaghadair.

Dh'innis Rio Tinto aig toiseach na bliadhna gu robh iad a' sgrùdadh mar a bhathar a' ruith an leaghadair.

Dhearbh iad air a' mhìos a chaidh seachad gu robh iad an-sàs ann an còmhraidhean mu bhith a' reic na làraich.

Tha cha mhòr 90 bliadhna bho chaidh an leaghadair, a tha suidhichte faisg air Beinn Nibheis, a stèidheachadh.