Clann MhicPheadrais is Bàideanach

Air fhoillseachadh

Thèid an ceangal eadar teaghlach MhicPheadrais às a' Mhanachainn agus Bàideanach - tro iomain, ceòl agus an t-arm - a mhìneachadh ann an òraid is taisbeanadh le Ùisdean MacIllinnein agus Mairead Nic Aoidh.

Bidh an òraid ann an Taigh-tasgaidh Mhuinntir na Gàidhealtachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh Dihaoine an 9mh là den Dùbhlachd aig 7.30f.

Thathas a' gealltainn turas air ais ann an tìm tro choimhearsnachdan Gàidhealach, is sgeulachd a tha a' ceangal na Gàidhealtachd, Alba is Canada.

Tha ro-shealladh an seo air cuid de na dealbhan bhon sgeulachd.

Tùs an deilbh, Other

Cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd anns an Òban, 1956, nuair a rinn Caol Bhòid a' chùis air Cill Mhàillidh 4-1.

Tùs an deilbh, Other

Bha sluagh mòr air a' chnoc aig Pàirce Mossfield 'son a' gheama sin.

Tùs an deilbh, Other

Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Seille aig Pàirc a' Bhught an Inbhir Nis ann an 1962.

Tùs an deilbh, Other

Cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd ann an Inbhir Nis, 1962, nuair a shoirbhich le Caol Bhòid a-rithist an aghaidh Chill Mhàillidh.

Tùs an deilbh, Other

Bha am BBC an làthair aig Cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd aig Pàirc an Rìgh Sheòrais anns a' Ghearastan ann an 1961. Bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich 2-1 an aghaidh Celtic an Òbain.

Tùs an deilbh, Neil G Paterson

An sgrìobhainn air duais a tha fhathast ga cleachdadh le Comann na Camanachd, agus a chaidh a thoirt do dh'Uilleam MacPheadrais le Comann na Camanachd nuair a phòs e.

Tùs an deilbh, Other

Tha am bonn losgaidh seo glè chudromach a thaobh a' cheangail eadar teaghlach MhicPheadrais is Bàideanach is Canada.

Na dealbhan air fad bho Chruinneachadh Uilleim MhicPeadrais, a' Mhanachainn, le taing do dh'Anne Mary NicPheadrais agus Ùisdean MacIllinnein. Thèid na h-uidhir de na dealbhan a thog Mgr MacPheadrais nuair a bha na Cheann-suidhe air Comann na Camanachd a shealtainn san taisbeanadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh