Iomairt ùr Ghàidhlig aig VisitScotland

Eilean I

Tha VisitScotland air iomairt ùr Ghàidhlig fhoillseachadh is iad ag ràdh gu bheil ùidh mhòr aig luchd-turais sa chànan.

Gheall a' bhuidheann turasachd roimhe barrachd chuideam a chur air a' Ghàidhlig san obair aca.

Sheall rannsachadh a rinn iad gu bheil ùidh aig aon duine anns gach triùir den luchd-turais a tha a' tighinn a dh'Alba sa Ghàidhlig.

Tha an iomairt ùr aca, air a bheil 'Experiencing Gaelic' ga fhoillseachadh aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis.

Bidh àite nas motha aig Gàidhlig is cultar nan Gàidheal ann an gnìomhachas na turasachd san fharsaingeachd, tha iad ag ràdh, le stiùireadh ann dha luchd-tadhail air càite am faigh iad blasad den chultar, comhairle air àiteachan a tha no bha cudromach dha na Gàidheil, is rudan cho bunaiteach ri mìneachadh air dè tha ainmean àite Gàidhlig a' ciallachadh.

"S e an ùidh a tha aig daoine sa Ghàidhlig a tha a' toirt orra tadhal air na h-àiteachan a th' againn san sgeama seo, fiù 's ged nach biodh Gàidhlig aca fhèin", thuirt Cathraiche VisitScotland, Iain Thurso.

"Tha an t-uamhas de dh'ainmean àite againn sa Ghàidhlig, is le mìneachadh a thoirt dha luchd-tadhail, tuigidh iad barrachd mun àite, mu Alba agus mun Ghàidhlig", thuirt e.

Thuirt Rùnaire na Turasachd, Fiona Hyslop, gu bheil a' Ghàidhlig na pàirt air leth cudromach do chultar na h-Alba, is gum faic luchd-turais a-nise ainmean Gàidhlig air feadh na dùthcha, is cothrom aca barrachd ionnsachadh ma thogras iad.

Tha cuid air VisitScotland a chàineadh roimhe a thaobh na Gàidhlig, le casaidean ann gun robh a' bhuidheann slaodach ann a bhith ag aithneachadh àite na Gàidhlig ann an cultar is eachdraidh na h-Alba, is na cothroman a th' ann a thaobh turasachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile