Iarrtas cur às dha fiachan taigheadais
- Air fhoillseachadh

Nochd beachd gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às dha na fiachan a th' ann airson taighean sòisealta air a' Ghàidhealtachd.
Thuirt an comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal, nan rachadh cur às dha na fiachan gum biodh £15m gach bliadhna aig Comhairle na Gàidhealtachd a dh'fhaodadh iad a chosg gus òigridh a chumail san sgìre.
Thug Mgr Friseal seachad a bheachd às dèidh dha ailteir san Eilean Sgitheanach, Alasdair Stephen, a ràdh gu bheil coimhearsnachdan air an dùthaich a' bàsachadh leis cho cosgail 's a tha e do dhaoine òga taigh a cheannach no a thogail.
Tha còrr math is mìle neach air taic a chur ris na sgrìobh Mgr Stephen air na meadhanan sòisealta, is e air deasbad a phiobrachadh.
Thuirt an Comh. Friseal gu bheil e ag aontachadh gu bheil trioblaid mhòr ann is gu bheil cùisean gu h-àraidh doirbh dhan òigridh.
Ionmhas
Thuirt e gu bheil suidheachadh ionmhais Comhairle na Gàidhealtachd a' fàgail gu bheil e duilich dhaibh taighean ùra a thogail, no iomairtean taigheadais eile a chur air adhart.
Dhèanadh e feum mòr, thuirt e, nan rachadh na fiachan taigheadais a th' orra, a tha luach £194m, a sguabadh às.
"Tha sinne airson iomadach bliadhna a-nise air a bhith a' feuchainn ri aonta fhaighinn bho Riaghaltas Westminster gun cuireadh iad gu aon taobh na fiachan a tha sin, is gun toireadh sin dhuinn £15m sa bhliadhna airson a bhith a' togail taighean", thuirt an Comh. Friseal.
"Nam biodh sin air a dhèanamh bho chionn iomadach bliadhna bhiodh barrachd is barrachd thaighean againn air an togail.
Faochadh
"Tha sinn fhathast ag obair air Riaghaltas Westminster airson sin a chur an gnìomh agus am faochadh sin a thoirt dhuinn", thuirt e.
Thàing beachd eile bho fhear de chomhairlichean an Rubha ann an Leòdhas, Tormod MacLeòid.
Dh'aontaich Mgr MacLeòid, a tha cuideachd na bhall den bhuidhinn taigheadais, Taigheann Innse Gall neo HHP, gu bheil staing ann.
Thuirt e gum bu chòir coimhead ri lùghdachachadh a thoirt air na tha e a' cosg bathar a thoirt à Tìr Mòr mar dhòigh air a dhèanamh nas fhasa do dhaoine taigh a thogail sna h-Eileanan Siar.
Thog Iain MhicÌomhair, a tha air bliadhnaichean a chur seachad ann an gnìomhachas na togail, air na th' ann de sheann taighean ann an coimhearsnachan eileanach.
Dh'iarr e gum biodh taic a bharrachd ann gus taighean den leithid a cheannach agus a leasachadh agus a chur gu feum.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 7 An t-Ògmhios 2018