Dòmhnall Dòmhnallach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhnall Dòmhnallach a' bruidhinn ann an 2013 air Srath Chura is Cupa na Camanachd ann an 1983. Taing dh'Uisdean MacIllinnein 'son an deilbh seo.

Tha luaidh ga dhèanamh air Dòmhnall Dòmhnallach à Srath Chura, fear de na cluicheadairean iomain as fheàrr bho na 1980'an.

Bha Mgr Dòmhnallach, no 'Donut' mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, na phàirt de sgioba air leth a bha aig Srath Chura aig an àm ud.

Thuirt e roimhe gun robh e 'son a bhith na phàirt den choimhearsnachd nuair a ghluais e a Shrath Chura na bhalach, is gun robh iomain aig teis mheadhan beatha a' bhaile.

Bha e na phàirt den sgioba a bhuannaich an Cupa Ceilteach ann an 1982 is 1985.

Ràinig iad cuideachd cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1983, nuair a chaill iad 3-2 ri Caol Bhòid.

Crith

Chuir Strath Chura Baile Ùr an t-Slèibh a-mach 2-0 san iar chuairt dheireannaich, geama a chuir crith tro iomain.

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach gur e sin fear de na làithean a b'fheàrr a bh' aige ann an iomain, agus 's dòcha an aon là nuair a chluich gach cluicheadair san sgioba aig an ìre as àirde aca.

Às dèidh dha sguir a chluich, bha Mgr Dòmhnallach na mhanaidsear air Srath Chura agus gu mòr an sàs ann a bhith a' brosnachadh òigridh an àite an geama a chluich.

Bha e cuideachd an lùib na h-iomairt gus pàirce ùr fhaighinn dhan sgìre.

Bha e air a bhith tinn 'son ùine.

Bidh smuaintean coimhearsnachd na h-iomain le teaghlach Mhgr Dhòmhnallaich.