Taigheadas dùthchail "na chùis èiginn"

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Alasdair Stephen a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

Thàinig rabhadh gu bheil suidheachadh èiginn ann le taigheadas ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.

'S e Alasdair Stephen, ailteir san Eilean Sgitheanach, is a bha roimhe na thagraiche dhan SNP, a thog dragh mun chùis.

Thuirt Mgr Stephen gur e £9,000 luach an fhearainn aige ann an Slèite ann an 1996, ach gur e £80,000 a bhiodh ann san là a th' ann.

Dh'innis e gun do chosg e £35,000 an taigh aige a thogail ann an 1996, ach a-nise gum faodadh a' chosgais a bhith cho àrd ri £220,000.

A tuilleadh air sin, thuirt e gun d'fhuair e taic bho Thabhartas nan Dachaighean Dùthchail, ach nach eil sgeamaichean den leithid a-nise ann.

'S e suidheachadh "do-dhèante" a th' ann do dh'òigridh, tha e ag ràdh.

Thuirt Mgr Stephen gu bheil e follaiseach gu bheil an gnothach a' toirt buaidh air tòrr dhaoine.

"Chuir mi seo sìos air Facebook sa mhadainn agus tha na ceudan de dhaoine air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn, air a bhith a' cur suas na sgeulachdan aca mu dheidhinn, is tha e coltach gu bheil trioblaid mòr mòr ann", thuirt Mgr Stephen.

"Feumaidh dà rud a bhith ann. Taighean aig prìsean reusanta do dhaoine a tha ag iarraidh a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan aca fhèin, agus eadar-lìon a tha spideil - a cheart cho spideil 's a tha e ann an Lunnainn, ann an Hong Kong agus ann an Singapore.

"Bidh daoine a' gluasad a-staigh, bidh daoine a' gabhail brath air na cothroman a th' ann, ach muinntir an àite, na h-òigridh, bidh iadsan air am putadh a-mach às an àite.

"Tha e a' bristeadh mo chridhe gu bheil am miann mòr aig òigridh a bhith a' fuireach anns na coimhearsnachdan aca fhèin, ach tha na coimhearsnachdan sin a' bàsachadh air sgàth cion taighean", thuirt e.

Tha buaidh mhòr air a' Ghàidhlig fhèin is air sgoiltean dùthchail cuideachd, thuirt Mgr Stephen.

Thuirt e gu bheil feum air smaoineachadh cruthachail air mar a ghabhas an suidheacheadh a leasachadh, is dh'iarr e air a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, a dhol an sàs.

"Bu mhath leam fhaicinn ise a bhith ag ràdh 'seo cuspair aig a bheil ùidh is suim mhòr agamsa is tha mi a' dol a dhèanamh rudeigin mu dheidhinn'.

"Chan eil mi buileach cinnteach ciamar a ghabhas a dhèanamh, ach ma bha ise aig a' cheann, 's e deagh thoiseach-tòiseachaidh a bhiodh sin", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile