Cùis an Transocean Winner ga sgrùdadh
- Air fhoillseachadh

Gabhaidh Comataidh Thaghte na Còmhdhail ann an Westminster fianais Diluain mu chùis an Transocean Winner a chaidh air na creagan air taobh siar Leòdhais anns an Lùnastal.
Bha an clàr, anns an robh 17,000 tunna cuideim, ga shlaodadh dhan Tuirc nuair a bhris an loidhne a bha ga cheangal ris a' bhàta-slaodaidh.
Às dèidh iomairt mhòr, dh'fhàg an clàr Leòdhas anns an Dàmhair.
Truailleadh
Bha dragh mòr ann aig toiseach gnothaich mu thruailleadh agus bidh mar a chaidh dèiligeadh ris a' chunnart sin a-measg nan cuspairean ris am bi a' chomataidh a' coimhead.
Tha an fheadhainn a tha a' strì airson bàta-slaodaidh a stèidheachadh às ùr air taobh siar na h-Alba ag ràdh gu bheil na thachair leis an Transocean Winner a' neartachadh na h-argamaid sin.
Bidh Riochdaire Rùnaire na Stàit airson Saoradh Mara, Ùisdean Seathach, agus Stiùiriche Transocean Dave Wells a-measg na bheir fianais seachad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 15 An Dàmhair 2016
- 7 An t-Sultain 2016