Maorach mì-laghail ga thoirt an grèim

Feusgan ga fhosgladh Image copyright European Photo Press Agency

Tha Oifigich Slàinte Àrainneachail aig Comhairle na Gàidhealtachd air "luchd susbainnteach" de mhaorach a thoirt an grèim an dèidh rannsachaidh air buain mhì-laghail maoraich ann an Loch Abar.

Bha Poileas Alba, Roinn na Cìse 's na Cuspainn, Buidheann Chrìochan Bhreatainn agus Ùghdarras Ceadachaidh nam Maighstirean Sgioba cuideachd an sàs anns an rannsachadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feuchainn ri stad a chur air buain mhì-laghail maoraich, agus air leithid de mhaorach a bhith a' faighinn chun na margaidh, agus e ga mheas na chunnart do shlàinte phoblaich.