Lagh chomataidhean ionaltraidh "ag obair"

Cailean Ceannadach

Thuirt Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd gu bheil an reachdas a th' ann a thaobh chomataidhean-ionaltraidh ag obair anns a' mhòr-chuid de sgìrean.

Thuirt Cailean Ceannadach gu bheil mion-chuid de dh'àiteachan ann far a bheil trioblaidean le comataidhean ionaltraidh, is gur dòcha gur e nach deach an lagh a chur an sàs mar a bu chòir anns na sgìrean sin a bu choireach 'son nan trioblaidean.

Bha Mgr Ceannadach a' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba is e a' toirt seachad fianais do Chomataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail.

Tha Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, air achd ùr croitearachd iarraidh feuch cuid de na ceistean a tha air nochdadh a fhreagairt.

Tha buaireadh air a bhith ann an Leòdhas gu sònraichte le comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach gan cur ma sgaoil.

Constabal

Chaidh comataidh a stèidheachadh às ùr ann am Mangurstadh is an constabal ionaltraidh a bh' ann an Col Uarach a-nise deiseil de a chuid obrach.

B' e eas-aonta air mar a bu chòir dèiligeadh ri stòras airgid nan comataidhean a bh' aig cridhe a' bhuairidh.

Thàinig stiùir bho Choimisean na Croitearachd nach bu chòir airgead a chumail ann an cunntasan coitcheann bhailtean ach a sgaoileadh am measg chroitearan.

Às dèidh deasbaid is eas-aonta, nochd litir a chuir Fearghas Ewing, gu Mgr Ceannadach.

San litir, thuirt Mgr Ewing gur e beachd pearsanta Mhgr Cheannadaich a bha seo air an lagh a thaobh airgead nam bailtean, seach beachd a' Choimisein, is gun robh an Riaghaltas den bheachd gur e beachd gu tur ceàrr a bh' ann.

Às dèidh coinneimh goirid às dèidh dhan litir nochdadh gu poblach, thuirt fear de na coimiseanairean, Murchadh MacIllInnein, gun robh an Coimisean ag aontachadh ri Mgr Ewing.

Thàinig an uairsin molaidhean ùra bhon Choimisean air mar a bu chòir do chomataidhean ionaltraidh dèiligeadh ri an cuid ionmhais.

Tha bòrd a' Choimisein cuideachd air iarraidh air Mgr Ceannadach a dhreuchd fhàgail, rud a tha e air diùltadh a dhèanamh.

Daingean

Tha e coltach gu bheil e daingean fhathast na bheachd mu chomataidhean ionaltraidh.

Na fhianais do Chomataidh na h-Eaconamaidh Dùthchail Diciadain, thuirt an Ceannadach gu bheil an reachdas a th' ann mu chomataidhean ionaltraidh ag obair glè mhath anns an fharsaingeachd.

"Cho fad 's a chì mise - anns a' mhòr-chuid de na sgìrean croitearachd - tha an reachdas a th' ann a thaobh chomataidhean ionaltraidh ag obair mar a bu chòir, chan eil trioblaidean idir againn", thuirt Mgr Ceannadach.

"Tha sgìrean àraid ann far a bheil trioblaidean - a dh'èirich, 's dòcha, air sgàth 's nach deach an lagh mar a tha e sgrìobhte a chur an sàs", thuirt e.

Chaidh Àrd-Oifigear Chaidreachas na Croitearachd, Patrick Krause, às àichead na thuirt an Ceannadach.

Thuirt Mgr Krause gun robh e follaiseach nach eil an lagh ag obair mar a bu chòir is buaireadh cho mòr ann a thaobh 's mar a bu chòir a chur an sàs.

Tha feum air an lagh a sgrìobhadh às ùr, thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile