Fèill-stuic na Nollaige
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèill-stuic na Nollaige aig Margaidh Sprèidh Leòdhais 's na Hearadh

16 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh an fhèill stuic mu dheireadh dhen bhliadhna a chumail aig margaidh sprèidh Leòdhais 's na Hearadh.

'S e "Fèill na Nollaige" a tha cuid a' gabhail air a' chothrom mu dheireadh dhen bhliadhna beathaichean a reic.

Bha prìs a' chruidh na bhriseadh-dùil.

Bha prìs nan caorach ge-tà, a-rèir 's mar a bha aig margaidhean air Tìr Mòr.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris.