Fiolmaichean a' cur ri eaconamaidh Earra-Ghàidheal

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha bòidhchead Earra-Ghàidheal na tarraing dha companaidhean clàraidh, a rèir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Dh'innis Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil gnìomhachas nam fiolmaichean is TBh a' toirt spionnadh dha eaconamaidh na sgìre.

Thuirt an t-ùghdarras gun deach 17 pròiseictean clàraidh air adhart san sgìre eadar an t-Iuchar is an t-Sultain.

Chuir sin cha mhòr £500,000 ris an eaconamaidh, thuirt iad.

Thuirt a' Chomhairle gun robh seo mar thoradh air an obair aca gus barrachd airgid a thoirt a-steach tro mhìosan an t-Samhraidh.

"Tha sinn ag obair gu dlùth ri companaidhean clàraidh gus am bi e cho furasta 's a ghabhas dhaibh Earra-Ghàidheal a chleachadh ann am fiomaichean, prògraman TBh, bhideothan ciùil is sanasan", thuirt Ceannard an Leasachaidh Mhaireannaich, an Comh. Aileen Morton.

"Bheir sinn dhaibh comhairle is stiùireadh an asgaidh, is cuideachadh le na ceadan a tha a dhìth orra fhaighinn", thuirt i.

Bha sreath ùr aig ITV air a bheil 'Loch Ness' am measg na bha a' fiolmadh san sgìre as t-Samhradh.

Dh'innis an Comh. Morton gu bheil tòrr dhaoine san sgìre air buannachd fhaighinn, taighean-bìdhe is taighean-òsta nam measg.

Thuirt i cuideachd gur e cothrom air leth a tha seo Earra-Ghàidheal a thaisbeanadh dhan t-saoghal mhòr.

Gheall i gun lean co-obrachadh eadar a' Chomhairle is gnìomhachas nam fiolmaichean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh