Uainich 'son cur às dha fiachan chomhairlean

Airgead Image copyright PA

A rèir a' Phàrtaidh Uaine tha comhairlean na h-Alba a' cosg nan ceudan mhilleanan notaichean gach bliadhna a' pàigheadh seann fhiachan.

Tha na h-Uainich ag ràdh gu bheil aon ùghdarras ionadail - Comhairle nan Eilean Siar - a' cur a-mach barrachd air fiachan na tha iad a' cosnadh bhon chìs-chomhairle.

Thuirt a' Chomhairle nach eil ceangal eadar an dà rud, is nach eil iad a' cur mòran suim san rannsachadh.

Sheall rannsachadh a' Phàrtaidh Uaine gu bheil fiachan luach £11bn air comhairlean na h-Alba eadar iad.

Thàinig an t-airgead bho bhancaichean agus bho mheur de Roinn an Ionmhais air a bheil Bòrd Iasadan na h-Obrach Poblaich.

Tha dùil gun robh comhairlean a' faighinn an airgid airson phròiseactan bun-structair.

Tha na h-Uainich den bheachd gu bheil ùghdarrasan ionadail anns a' chumantas a' cosg 42% den airgead a tha iad a' faighinn bhon chìs-chomhairle air na fiachan.

Tha am pàrtaidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cur às do na fiachan.

Atharrachadh

Dh'iarradh iad cuideachd atharrachadh mòr a thoirt air maoineachadh nan comhairlean.

Tha iad ag ràdh gu bheil na fiachan seo a' cur gu mòr ri gearraidhean agus gum bu chòir cur às dhaibh.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e cho beag 's a tha àireamh sluaigh na sgìre, agus suidheachadh taigheadais na sgìre a' tha a' fàgail gu bheil an teachd-a-steach a tha iad a' faighinn bhon chìs-chomhairle cho ìosal.

Thuirt iad nach eil ceangal sam bith eadar cìs na comhairle agus mar a tha fiachan an ùghdarais ionadail gam pàigheadh.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an rannsachadh a' dèanamh eadar-dhealachadh mòr sam bith, tha fios againn thairis air iomadh bliadhna gur ann mar seo a bha cùisean", thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha e glè fhurasta dha daoine a bhith ag ràdh gum bu chòir cur às dha na fiachan ach aig a' cheart àm tha e duilich sin a dhèanamh.

"Tha sin coltach ri a bhith ag ràdh gu bheil còir aig daoine a bhith a' cur às dha morgaidsean, oir 's e sin an aon rud a tha ùghdarrasan ionadail a' dèanamh, tha sinn a' gabhail airgid mhòir air iasad - is a' mhòr mhòr-chuid a tha sin chan ann bho bhancaichean prìobhaideach a tha e a' tighinn, tha e a' tighinn bho Bhòrd Iasadan na h-Obrach Poblaich, agus tha ìre reidh air sin nas ìsle na gheibh thu bho bhancaichean prìobhaideach", thuirt e.

Thuirt Mgr Dòmhnallach mura b' e na h-iasadan sin, nach biodh e air a bhith comasach dhan Chomhairle pròiseictean mòra a dhèanamh le rudan mar chabhsairean a thogail is rathaidean a leasachadh.

'S e leasachaidhean deatamach a bh' annta, thuirt e, is leasachaidhean a chum sluagh ann an sgìrean de na h-Eileanan an Iar.