Bàta-teasairginn Bharraigh a' faighinn tiodhlaic mhòir

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhnall MacLeòid à sgioba Bhàta-teasairginn Bharraigh.

Fhuair Sgioba-teasairginn Bharraigh tiodhlac de £8,750 bhon teaghlach agus caraidean aig Màrtain MacIain a bhàsaich còmhla ri dithis eile den chriubha air an MV Louisa, a chaidh fodha faisg air Miughalaigh sa Ghiblean.

Bha sgioba Bharraigh gu mòr an sàs ann a bhith a' dèanamh cobhair air Lachlann Armstrong, 27 à Steòrnobhagh a fhuair às le a bheatha le bhith a' snàmh gu tìr nuair a thòisich an sgoth a' dol fodha.

Chaidh lorg fhaighin air na cuirp aig Mgr MacIain, 29 à Hacraig ann an Gallaibh, agus Chris Moiresdan, 27 às na Hearradh, ach cha d' fhuaireas riamh corp an sgiobair, Pòl Alliston, 42 à Leòdhas.

Togalach ùr

Thuirt teaghlach Mhgr MhicIain gun robh iad airson airgead a thogail dha sgioba-teasairginn Bharraigh airson cuideachadh a thoirt do dhaoine eile anns an àm ri teachd.

A' bruidhinn às leth Sgioba-teasairginn Bharraigh, thuirt am Manaidsear, Ruaraidh MacIllEathain gu bheil iad taingeil dhan teaghlach 'son an airgid a thog iad mar chuimhneachan air Màrtainn agus na co-obraichean aige Pòl Alliston agus Chris Moiresdan.

Image copyright RNLI
Image caption The an sgioba feumach air togalach ùr son treanaidh.

"Dh'iarr an teaghlach gun rachadh an t-airgead a chosg air togalach ùr, a tha sinn an dòchas a thòisicheas an ath-bhliadhna".

Chaidh an MV Louisa fodha faisg air Miughalaigh tràth sa mhadainn air an 9mh Giblean ann an uisgeachan ciùin.

Cha do dh'fhosgail an rath-sàbhalaidh dhan chriubha nuair a mhothaich iad gun robh uisge a' tighinn air bòrd.

Tha Sgioba Rannsachaidh nan Tubaistean Mara fhathast a' dèanamh sgrùdadh air a' chùis.