Àrd-choinneamh ga h-iarraidh mu dhraghan Bharraigh

Barraigh

Tha iarrtas ann gun tèid àrd-choinneamh a chumail ann am Barraigh agus iomagain ann mun dòigh anns a bheilear a' lìghrigeadh sheirbheisean poblach air an eilean.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford ag ràdh gu bheil daoine ann am Barraigh agus ann am Bhatarsaigh a' faireachdainn gu bheil na seirbheisean a tha iad a' faighinn a' dol bhuaithe agus gun deach diochuimhneachadh mun deidhinn.

Thuirt e gu bheil dragh sònraichte air daoine a thaobh cùram slàinte agus na seirbheisean còmhdhail a th' ann gus daoine fhaighinn dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Thuirt Mgr Manford gu bheil e ag iarraidh laghan ùra an Riaghaltais Albannaich fo Achd Ùghdarrachaidh na Coimhearsnachd a chleachdadh airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh.