Taighean falamh a' cosg £0.25bn sa bhliadhna

Taigh falamh Image copyright Duncan Grey/Geograph

Tha daoine aig a bheil taighean nach eil air an cleachdadh an Alba a' call còrr air £0.25bn gach bliadhna, a rèir aithisg.

Cluinnidh co-labhairt an Dùn Èideann gu bheil iad a' call a-mach bho nach eil màl ga phàigheadh agus ri linn 's gu bheil aca ri cunntasan a phàigheadh fhathast, ged nach eil iad a' fuireach anns na dachannan.

Thairis air an t-sia bliadhna mu dheireadh, chaidh còrr air 2,000 dachaigh a bha falamh fad bhliadhnaichean mòra a chur gu feum a-rithist.

Ach, tha Com-pàirteachas Dachannan Falamh na h-Alba ag ràdh gu bu chòir barrachd a dhèanamh.

Tha iad den bheachd gu bheil 34,000 dachaigh an Alba falamh, agus gu bheil na daoine leis a bheil iad a' call a-mach gu mòr.

Tha a' bhuidheann den bheachd gu bheil gach taigh a tha falamh a' cosg còrr air £600 sa mhìos dhan neach leis a bheil e.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do phròiseictean a tha ag amas air dèiligeadh ris an trioblaid, ach cluinnidh co-labhairt an Dùn Èideann Dimàirt gum faodadh comhairlean barrachd a dhèanamh, mar eisimpleir daoine a chuideachadh gus na taighean aca a leasachadh.