Ceannard ùr air Raon nan Rocaidean

Raon nan Rocaidean

Chaidh Ailean MacSuain ainmeachadh mar cheannard ùr Raon nan Rocaidean ann an Uibhist.

'S ann à Baile nan Cailleach ann am Beinn nam Fadhla a tha Mgr MacSuain, 42, is tha e air a bhith ag obair aig an raon fad ghrunn bhliadhnaichean.

'S e clach-mhìle a tha seo dha Raon na Rocaidean is cuideigin às an sgìre fhèin os cionn a' ghoireis 'son a' chiad uair.

Tha e a' dol an àite Catriona NicIllÌosa, a bhuinneas dha Èirinn a Tuath.

Tha Mgr MacSuain a' gabhail na stiùir aig àm car mì-chinnteach.

Dh'innis QinetiQ, a tha os cionn an raoin, na bu tràithe air a' bhliadhna gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air obair na buidhne is gun cailleadh cuid an cosnadh.

Chaill còignear aig Raon nan Rocaidean ann an Uibhist an dreuchdan mar phàirt den ath-sgrùdadh.

Tha an ath-sgrùdhadh a' leantainn, is mar sin chan eil a' mhì-chinnt uile gu lèir seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile