Fear òg à Inbhir Nis fhathast a dhìth

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Poilis Alba

Tha iomairt a' leantainn gus lorg fhaighinn air deugaire às Inbhir Nis nach fhacas bho Dhiardaoin.

Bha Adam Mitchell, 18, ann an taigh-seinnse ann am meadhan a' bhaile Diciadain seo chaidh.

Cha do thill e dhachaigh dhan taigh aige ann an sgìre Chùil Daothail den bhaile.

Nochd e mu dheireadh ann an dealbhan CCTV faisg air garaids air Rathad an Longman madainn Diardaoin.

Tha na Poilis air iarrtas às ùr a dhèanamh airson fiosrachaidh sam bith.

Dh'iarr iad air daoine coimhead anns na seadaichean aca feuch a bhith comharran ann gu bheil duine air a bhith gan cleachdadh airson fasgadh.

Tùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,
Bha bàta-teargainn Cheasaig a' Tuath an sàs anns an iomairt son lorg fhaighinn air Mgr Mitchell.

Tha heileacoptair nam Maor-Cladaich agus bàta-teasargainn air a bhith an sàs anns an iomairt gus lorg fhaighinn air Mgr Mitchell.

Thuirt fear-labhairt nam Poileas gu bheil iad iomagaineach dha-rìribh mu shàbhailteachd Mhgr Mhitchell.

Tha Mgr Mitchell 5′ 11″ le gruag fhada dhonn agus tha feusag air.

Nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh, bha seacaid dhubh leathar air, dìons dhubh is bòtannan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh