Urram Caitligeach do sheann Mhodaràtar

An t-Àrd-Easbaig Kushley a' toirt seachad a' bharrantais don Dr. Kesting. Image copyright Church of Scotland
Image caption 'S i an Dr. Kesting an dàrna boirenanach ann am Breatainn nach eil na Caitligeach a th' air an t-urram fhaighinn.

Chaidh fear de na h-urraman as àirde san Eaglais Chaitligich a bhuileachadh air seann Mhodaràtar Eaglais na h-Alba.

Fhuair am Fìor-Oll. Urr. Sheilagh Kesting, à Steòrnabhagh, urram Dèam Òrdugh an Naomh Griogair Mhòir, ri linn an iomadh bliadhna a chuir i seachad ri obair eadar-eaglaiseil.

Cha deach an duais - a tha co-ionnan ri Rìdireachd Phàpaich do dh'fhireannaich - a bhuileachadh ach air aon bhoireannach eile san Rìoghachd Aonaichte nach robh na Caitligeach.

Thathas a' faicinn an urraim na chomharra air deagh chàirdeas eadar Eaglais na h-Alba agus an Eaglais Chaitligeach.

Thug an t-Àrd-Easbaig Leo Cushley barrantas agus bràiste ann an trì diofar mheudan seachad don Dr. Kesting aig dinnear san àras aige ann an Dùn Èideann.

Thuirt an Dr Kesting, a chaidh ainmeachadh mar Mhodaràtor air Eaglais na h-Alba ann an 2007, gur e pribhleid mhòr uabhasach a bh' anns an duais.