Feòragan ruadh gan gluasad dhan Ghàidhealtachd

squirrel Image copyright Jimmie Reid
Image caption Chan eil ach 138,000 feòrag ruadh air fhàgail aig an ìre-sa anns an Rìoghachd Aonaichte

Thèid 70 feòrag ruadh a ghluasad bho sgìrean air taobh sear na Gàidhealtachd agus Sgìre Mhoireibh gu taobh siar na Gàidhealtachd ann an oidhirp an àireamh a th' ann dhiubh àrdachadh.

Tha a' bhuidheann, Trees For Life, gan gluasad leis gu bheil feòragan glasa, a tha toirt droch bhuaidh air an fheadhainn ruadh, pailt air an taobh sear agus tha coilltean air an taobh siar a tha freagarrach dhaibh.

Tha am pròiseact a' coimhead ri deich àitean air taobh siar na Gàidhealtachd son teaghlaichean ùra a stèidheachadh.

Dì-choilltean

Tha mòran choilltean air a' Ghàidhealtachd freagarrach airson nam feòragan ruadh 's tha iad fad air falbh bho na feòragan glasa air a bheil galairean a chuireas às dhan fheòrag ruadh.

'S toil le feòragan ruadh a bhith dol bho chraobh gu craobh agus, aig aon àm, cha leigeadh iad a leas spòg a chur air an talamh leis na bh' ann de choilltean air feadh Alba.

Ach, thairis air na bliadhnaichean, tha dì-choilltean air cur às dhan na dachannan aca.

Tha Trees for Life air 33 feòrag ruadh a ghluasad mur-thà bho Fharrais agus Srath Spè a-nùll gu Sildeag air a' chost an iar agus tha cùisean a' còrdadh riutha an sin agus tha feòragan beaga air a bhith aca.

Coimhearsnachd ionadail

Tha a' bhuidheann, agus daoine às na sgìrean fhèin, air a bhith a' cumail sùil gheur air an t-suidheachadh, agus tha Oificear Fiadh-bheatha na buidhne, Becky Priestley ag ràdh gu bheil e cudromach gu bheil na coimhearsnachdan an sàs ann a bhith a' cur dìon air na beathaichean beag prìseal seo.

"Tha e còrdadh ri daoine a bhith faicinn nam feòragan faisg air làimh", thuirt i.

"Thathas a' biadhadh nam feòragan son dhà no trì mhìosan aig toiseach gnothaich - fhad 's a tha iad a' fàs cleachdte ris an dachaigh ùr aca - ach chan eil e toirt fada gus am bi iad a' dol a-mach dhan àrainneachd ùir aca 's a' faighinn a' bhìdhe aca fhèin".