Saighdearan Nirribheach gan cuimhneachadh

Loidse a' Ghlinne Mhòir agus cuimhneachan Image copyright Reuben Tabner

Am measg na tha a' dol air feadh na Rìoghachd Dihaoine gus Là a' Chuimhneachaidh a chomharrachadh, bidh cuirm shònraichte dha na saighdearan Nirribheach a bha a' trèanadh air a' Ghàidhealtachd san Dàrna Cogadh.

Chaidh obair nan Nirribheach a chomharradh roimhe anns an fhiolm ainmeil "Heroes of Telemark".

Tha clach chuimhneachaidh agus bratach Nirribhidh ann mar thà sa Ghleann Mhòr ann an Srath Spè far an robh na saighdearan a' trèanadh.

'S e àite air leth a bh' ann gus an deasachadh 'son iomairtean air ais ann an Nirribhidh, a bha ann an làmhan nan Nàsach aig an àm.

Image copyright Forestry Commission Scotland
Image caption Chaidh ceann 70 bliadhna bhon ionnsaigh air ionad an uisge thruim ann an Telemark a chomharrachadh aig Loidse a' Ghlinne Mhòir ann a 2013.

'S e an iomairt a bu mhotha a rinn iad sgrios a dhèanamh air goireas ann an Nirribhidh far an robh na Nàsaich airson boma niucleasach a thogail le a bhith a' cruachadh "uisge trom".

Dh'fhailich leis, ach thug na Nirribhich ionnsaigh an uairsin air aiseag a bha a' toirt stuth cheimigich dhan Ghearmailt, rud a chuir às an ìre mhath do phlana Hitler.

Bidh fear de na saighdearan an làthair aig a' chiurm ann an Srath Spè Dihaoine, còmhla ri àrd-oifigear dioplòmasach, is saigdhearan Albannach is Nirribheach bhon là an-diugh.