Briseadh-dùil mu chumhachd ath-nuadhachail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Briseadh-dùil mu chumhachd ath-nuadhachail nan Eilean Siar

9 An t-Samhain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh e do-dhèanta pròiseactan mòr cumhachd ath-nuadhachail a chuir air adhart sna h-Eileanan Siar - sin a rèir bhall-pàrlamaid na sgìre, Aonghas Brianan MacNèill,'s Rùnaire a' Chumhachd, Greg Clark air innse nach bi tuathan-gaoithe air tìr airidh air subsadaidhean bhon sgeama Contracts For Difference - a tha a' maoineachadh pròiseactan ath-nuadhachail.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e ana-cheartas mòr a tha seo, agus gur ma dh'fhaoidte gun tèid iad gu lagh.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris.