Pròiseactan mòra a dhìth 'son a' chàbail

Crann-gaoithe

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, nach eil dòigh air càbal dealain ùr fhaighinn tarsainn a' Chuain Sgìth ach tro na tuathan-gaoithe mòra coimearsalta a th' anns an amharc an-dràsta.

Thàinig beachd bhuaithe agus cuid air argamaid a thogail gum faodar an aon cheann-uidhe a ruighinn le sgeamaichean coimhearsnachd.

'S fhada bho thòisich oidhirp gus an càbal fhaighinn, is am bun-structair mar a tha e a' cur maill air cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh anns na h-Eileanan an Iar.

'S e an dàil a tha sin a tha' fàgail gu bheil cuid a tha taiceil ri tuathan-gaoithe coimhearsnachd air moladh feuchainn ris a' chàbal a chur air adhart tro sgeamaichean den leithid.

Thuirt iad gun tigeadh cuideachd buannachdan nas motha dha na coimhearsnachdan.

Ged a chuir Mgr Caimbeul taic mhòr ri sgeamaichean beaga, thuirt e nach tig an t-airgead a tha a dhìth 'son a' chàbail ach tro na pròiseactan mòra coimearsalta.

Dh'innis e gu bheil na companaidhean leasachaidh air gabhail ris na suimean a dh'fheumas iad pàigheadh, is gu bheil aonta ann gum bi cumhachd gu leòr ga chruthachadh leotha gus leigeil leis a' chàbal a dhol air adhart.

Thuirt e gu bheil dùil gun tig co-dhùnadh air a' chùis ro dheireadh na bliadhna.

Dh'iarr e gun cuireadh Riaghaltas Bhreatainn taic ris a' phròiseict

Ma thèid cùisean mar a tha a' Chomhairle a' miannachadh, dh'fhaodadh gum bi an càbal ann ro 2021.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile