Breith na Cùirte

Tha còmhradh fiù 's nas duilghe na bha dùil air fàire do Theresa May a-nis le Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Juncker.

Bruidhnidh an dithis air a' fòn a-màireach mu dheidhinn Brexit, proiseas a bhiodh fada agus toinnte gu leòr nan leanadh e clàr-ama a' phrìomhaire.

Ach ma sheasas breith an latha an-diugh bhon Àrd-Chuairt, dh'fhaodadh e bhith nas fhaide agus nas toinnte buileach.

A-nis chan urrainn don riaghaltas Artagail 50 do Chunnradh Lisbon a chur an gnìomh gun bhòt anns a' phàrlamaid aig Westminster.

Thuige seo, b' e am plana gun cuireadh Artagail 50 an gnìomh ro dheireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna, a dh'fhàgadh gun tigeadh ballrachd Bhreatainn gu crìch dà mhile às dèidh sin, ann an 2019.

Ma dh'fhaodte gun bhòt na Cumantan air a shon, ach tha mise teagmhach gum bitheadh iad deiseil cho sgiopalta.

Eagal

An àite sin, dh'fhaodadh buill-phàrlamaid mìosan a chur seachad a' deasbad Brexit, rud a bhios doirbh gu leòr gun fhios air an aonta a ruigear aig a' cheann-thall.

Tha na 27 airson 's gun gluais an Rìoghachd Aonaichte gun dàil - ach cha chum iad còmhradh ceart leatha ro Artagail 50 fhèin.

Don phrìomhaire, tha dàil sam bith a' putadh Brexit nas fhaisge air an ath thaghadh choitcheann ann an 2020.

Dh'iarr Jeremy Corbyn air an riaghaltas na beachdan aca a thoirt air adhart gun dàil airson còmhraidh, ag ràdh gu feumadh an riaghaltas a bhith a' freagairt don phàrlamaid air Brexit.

Air taobh eile an deasbaid, thuirt Nigel Farage gun robh an t-eagal airsan gun deigheadh an luchd-bhòtaidh a bhrathadh.

Is air Mrs May a tha a chuimse.

Ath-thagradh

Ged nach cualas bhuaithpe gu tric ron a' bhòt, bha Theresa May airson 's gum fuiricheadh Breatainn anns an Aonadh Eòrpach.

Chan eil i ag iarraidh mì-chinnt sam bith mu dheidhinn sin a-nis.

Ach is e breith na Cùirte nach eil an cumhachd aig an riaghaltas an dùthaich a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach le Ùghdaras a' Chrùin a-mhàin.

Dhearbh an riaghaltas gun dèanadh iad ath-thagradh an aghaidh na breithe - ged a dh'iarr Nicola Sturgeon agus prìomh mhinistear na Cuimrigh, Carwyn Jones orra gabhail rithe.

Tha dùil gun cluinnear sin anns an Dùbhlachd.

Ach gu ruige sin tha an aod rud a bha soilleir mu phlana an riaghaltais - an clàr-ama - gun soilleireachd sam bith.

Gun chiall

Tha breith an latha an-diugh a' toirt cothrom eile do phrìomh mhinistear na h-Alba.

Aig àm nan ceist thuirt Nicola Sturgeon gun do dhearbh na thachair gun robh an riaghaltas Tòraidheach gun eòlas, gun fheum agus gun chiall air Brexit.

Nas inntinniche, thuirt i gum breithnich riaghaltas na h-Alba air am bu chòir dhaibhsan a dhol an sàs anns a' chùis-lagha.

Mura robh e follaiseach mar-thà, is lèir an-diugh nach bi e furasta do Theresa May smachd a chumail air a' phroiseas seo.

Agus gun ach mor-chuid beag aice, dh'fhaodadh i smachd a chall uile gu lèir ma dh'fheumas e a dhol tro na Cumantan.

Leis an riaghaltas, a' phàrlamaid agus na cùirtean a-nis an sàs, cò aig tha fios ciamar a ghabhas fuasgladh a lorg.