"Lagh a dhìth" mu sheacaidean-sàbhalaidh
- Air fhoillseachadh

Bu chòir lagh a thoirt a-steach a bheir air iasgairean seacaidean-sàbhalaidh a chur orra - a rèir Buidhne Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (an MAIB).
Thuirt an MAIB gum bu chòir cabhag a chur anns a' chùis às dèidh trì tubaisean anns an do chaill ceathrar iasgairean am beatha.
Am measg nan tubaistean sin bha bàs Chraig Reid à Inbhir Nis a thuit dhan mhuir far chosta Arcaibh sa Ghiblean.
Chaidh cuideachd Gerard MacIllÌosa à Bhatarsaigh a chall far bhàt'-iasgaich san Dàmhair an-uiridh.
Tha Buidheann nam Maor-Cladaich mar thà air atharrachadh anns an lagh a mholadh ach tha an MAIB ag ràdh gum bu chòir a-nis prìomhachas a thoirt dha sin às dèidh bàs nan iasgairean.
Thuirt iad nach eil coltas ann gu bheil iomairtean foghlaim a' comhairleachadh do dh'iasgairean seacaidean-sàbhalaidh a chur orra air feum mhòr sam bith a dhèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 1 An Lùnastal 2016