Buannachd £2.2m à Fèis Cheilteach Innse Gall

Runrig Image copyright Matt Liengie
Image caption Bha Runrig a-measg na nochd aig fèis na bliadhna-sa

Fhuair eaconamaidh nan Eilean Siar buannachd de chòrr air £2.2m bho Fhèis Cheilteach Innse Gall na bliadhna seo.

Sheall sgrùdadh air buaidh na fèise cuideachd gun do chuidich i le bhith a' cur dìon air 40 dreuchd ann an gnìomhachas na turasachd.

Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean 's sheall e cuideachd gur ann bho thaobh a-muigh Leòdhais agus na Hearadh a thàinig cha mhòr dà thrìan den fheadhainn a chaidh gu fèis na bliadhna seo.

'S e Runrig am prìomh chòmhlan a nochd am-bliadhna 's an fhèis a' comharrachadh 21 bliadhna bho thòisich i.

Chosg an fheadhainn a chaidh chun na fèise bho thaobh a-muigh nan Eilean mu £500 san là anns a' chumantas.

Fhuair an fhèis taic-airgid de £120,000 bhon roinn phoblaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile