Taic do Bhethesda

Bethesda
Image caption Gheibh Bethesda £50,000 sa bhliadhna fad 25 bliadhna.

'S e Dachaigh-cùraim Bethesda ann an Steòrnabhagh a' chiad bhuidheann a gheibh taic bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig leis a bheil trì crainn-ghaoithe air Beinn Ghrìdeig ann an Leòdhas.

Tha an t-urras a-nis a' faighinn teachd a-steach de £210,000 sa bhliadhna bhon sgeama 's bheir iad £50,000 do Bhethesda a h-uile bliadhna 'son 25 bliadhna - an ùine a sheasas na crainn.

Bha Bethesda a' beachdachadh aig aon àm air crann a thogail iad fhèin airson airgead a thoirt a-steach, ach leig iad seachad am plana sin.

Cuideachadh mòr

Thuirt oifigear ionmhais Bhethesda, D.R. Dòmhnallach gum bi an taic seo gu math feumail dhaibh 's airgead mòr aca ri thogail a h-uile bliadhna.

"Feumaidh sinn cairteal a' mhillein not a thogail a h-uile bliadhna so le gealltanas gu bheil £50,000 dhen sin gu bhith againn, tha sin a' toirt comhfhurtachd mhòir dhuinn anns an t-suim a dh'fheumas sinn a dhol a-mach a thogail".

Tha sia prìomh bhuidhnean ann a gheibh buannachd luach £100,000 sa bhliadhna à teachd a-steach an tuath-ghaoithe agus tha an t-urras an dòchas taic a chumail ri buidhnean eile cuideachd.

Tha iad an dòchas gun tèid aca air airgead a bharrachd a thoirt seachad fhathast, agus tha iad a-nis a' beachdachadh air mar a thèid aca air taic a chumail ris a' choimhearsnachd às dèidh dhan tuath-ghaoithe thighinn gu ceann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile