Faclan 2016

Published
image captionBidh iomadach tachartas ann eadar Diciadain agus Disathairne.

Tòisichidh fèis litreachais Innse Gall ann an Steòrnabhagh Diciadain 's Bàrd Nàiseanta na h-Alba, Jackie Kay, am measg na bhios a' gabhail pàirt innte.

'S ann anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh a bhios an fhèis "Faclan" stèidhichte 's i a' tàladh sgrìobhadairean cliùteach nàiseanta a thuilleadh air feadhainn le ceanglaichean ris na h-Eileanan fhèin.

Bidh cuspair sònraichte aig an fhèis gach bliadhna agus 's e an Cuan Siar a chaidh a thaghadh am-bliadhna.

Sgrìobhadairean

Bidh Philip Hoare, a bhuannaich duais Shamuel Johnson airson an leabhair "The Whale" am measg na nochdas aig an fhèis.

Tha Stiùiriche na fèise, Ruaraidh Moireach, ag ràdh nach eil trioblaid air a bhith ann sgrìobhadairean fhaighinn airson na fèise.

"Tha sinne tòrr nas teinne - trì làithean agus a h-uile càil còmhla air aon chuspair cuideachd - mar sin tha Faclan gu math eadar-dhealaichte bho na fèisean eile, fiù 's fèisean beaga mar fèis Ulapuil".

A thuilleadh air tachartasan litreachais bidh fiolmaichean cuideachd gan sealltainn aig an fhèis, leithid The Lost Weekend agus Deep Water.

Thig an fhèis gu crìch Disathairne le tachartas far am bi Jackie Kay a' leugadh a cuid bàrdachd le còmhradh às a dhèidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh