Bàs aig ionad Feachd an Adhair

Ionad Feachd an Adhair Bhaile Dhùthaich
Image caption Tha na Poilis ag obair còmhla ri Feachd an Adhair ann a bhith a' rannsachadh na thachair.

Thàinig dearbhadh gun deach aon neach a mharbhadh aig Ionad Feachd an Adhair Bhaile Dhùthaich air taobh sear Rois, agus iomairt treanaidh a' dol feasgar Dimàirt.

Thathas den bheachd gun robh an saighdear stèidhichte aig Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis, ach nach buineadh e dhan sgìre mun cuairt.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn beagan ro 6:00f, 's tha na Poilis ag ràdh gu bheil iad ag obair leis na feachdan armaichte, feuch dè dìreach a thachair.

Thuirt neach-labhairt bho na Poilis nach deach duine eile a ghoirteachadh san tachartas, agus gun deach fios a chur air teaghlach an neach a bhàsaich.

Thathas a' tuigsinn gun robh mu 20 neach an sàs san eacarsaich aig an àm, agus gun robh gunnaichean gan losgadh.

Tha an t-ionad dùinte rè-ùine ri linn na thachair.

Thuirt na Poilis nach robh cunnart sam bith ann don phoball, agus gu bheil 30 oifigearan an sàs san rannschadh.

Tha an t-ionad, trì mìle an ear air Baile Dhùthaich, air a chleachdadh leis an RAF a' chuid as motha den ùine, gu h-àraid itealain Tornado agus Typhoon a tha stèidhichte aig Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.

Bidh an t-Arm cuideachd a' cleachdadh an ionaid, far a bheil raon-loisgidh raifil agus daga.

Bidh Feachd Adhair nan Stàitean Aonaichte agus criuthannan NATO cuideachd ga chleachdadh airson itealaich gu h-ìosal agus ionnsaigh a thoirt air targaidean air an làraich.