Cead pàirce bheathaichean ga dheasbad

Bidh Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd a' deasbad Dimàirt co-dhiù bu chòir cead ùr a thoirt do phàirce bheathaichean san Eilean Dubh gus na dorsan aca a chumail fosgailte.

As t-Samhradh chaill Pàirce Bheathaichean an Eilein Duibh, ann an Druim Smiotail, an cead sù a bh' aca agus dragh ann mu mar a bha iad a' coimhead às dèidh nam beathaichean.

Thàinig sin às dèidh dha luchd-tadhail draghan a thogail mun chùis sa chiad dol a-mach, agus rannsachadh a rinn bheataichean.

Tha an fheadhainn leis a bheil a' phàirce a-nise air cead ùr iarraidh, mar thuathanas air am biodh daoine a' tadhal.

'S e beathaichean a tha dùthchasach dhan rìoghachd seo fhèin a bhiodh aca fon chead sin.