Taic ga h-iarraidh do sheirbheis adhair

Raon-laighe Aiseig
Image caption Chaidh raon-laighe Aiseig a thogail anns na 1970an.

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd gu h-oifigeil gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba taic-airgid mu choinneimh seirbheis adhair dhan Eilean Sgitheanach.

Chaidh raon-laighe Aiseig a thogail anns na 1970an.

Chan eil seirbheis adhair dhan eilean an-dràsta, ach tha aon chompanaidh a' cur an raoin-laighe gu feum.

Sheall aithisg bho chionn ghoirid gum biodh buannachd ann faisg air £40m do dh'eaconamaidh an eilein.

Sheall sgrùdadh a rinn Comahirle na Gàidhealtachd, HITRANS agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun cosgadh e mu £20m seirbheis adhair a stèidheachadh dhan eilean.

Thuirt ceannard na Comhairle, an Comh. Mairead NicDhàibhidh, gu bheil i an dòchas gun cuir an Riaghaltas taic ris na planaichean an dèidh an iarrtais oifigeil.