Pontùin a' Ghearasdain

Thèid beachdan mhuinntir a' Ghearasdain iarraidh air plana 'son leasachadh mòr a thòirt air na pontùin sa bhaile.

Chan e a-mhàin gum biodh àite nas motha ann do bhàtaichean mòra, bhiodh àite ann cuideachd do iachtaichean agus itealain mhara.

Bidh cothrom aig daoine am beachdan a thoirt seachad aig tachartas Dihaoine.

Goireasach

Tha Calum Mac a' Ghobhainn, a chuir bliadhnaichean mòra seachad ag obair ann an oifis turasachd a' Ghearasdain, ag ràdh gu bheil na pontùin air cùisean a dhèanamh tòrr nas goireasaiche do luchd-turais air soithichean mòra.

"Bha e gu math duilich do dhaoine tighinn bho bhàtaichean agus a thighinn a-steach dhan Ghearasdan ron seo ... an fheadhainn a th' air soithichean luchd-turais, mar as tric tha iad nas aosta - agus mar sin bhiodh e duilich dhaibh aig amannan a thiginn a-steach dhan Ghearasdan gun na pontùin sin a bhith ann".

Tha e ag ràdh gur e an sgìre gu lèir a gheibh buannachd à soithichean mòra a bhith a' tighinn a-steach, agus chan e dìreach baile a' Ghearasdain fhèin.

"Chan e a-mhàin baile a' Ghearasdain ach timcheall air cuideachd - Gleann Fhionghain agus sìos Moinnteach Raineach bha iad a' falbh ann an coidsichean agus mar sin bha e a' toirt obair do dhaoine nach biodh obair aca mun tìde seo bhliadhna".

Bidh cothrom aig daoine am beachd a thoirt air na planaichean sa Lime Tree eadar 2:00f agus 8:00f Dihaoine an 4mh là den t-Samhain.