Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Surjit Singh Chhokar

Chaidh binn-bheatha anns a' phrìosan air fireannach airson mort Surjit Singh Chhokar, às dèidh cùis-lagha na aghaidh airson an dàrna turas. Cha deach Ronnie Coulter, aois 48, idir a dhìteadh anns a' chiad chùis ann an 1999 de mhurt Mhgr Chhokar, a bha 32, ann an Overtown ann an Lannraig a Tuath ann an 1998. Ach fhuair an Crùn cead cùis-lagha eile a thogail an aghaidh Choulter às dèidh atharrachadh anns an lagh an Alba a thaobh a bhith a' feuchainn dhaoine barrachd na aon turas co-cheangailte ris an aon eucoir. Aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu, chaidh innse do Choulter gum feum e 19 bliadhna agus ochd mìosan aig a' char as lugha a chur seachad anns a' phrìosan mus faod e tagradh a dhèanamh airson parole.

Drogaichean

Tha dùil gun tèid taic a chur an-diugh ann am prionnsabal ri plana gus seòmraichean sònraichte a chruthachadh ann an Glaschu do dhaoine a th' air am beò-ghlacadh le drogaichean mì-laghail mar heroin, gus am faigh iad air an gabhail ann an àrainneachd a tha sàbhailte an àite air sràidean a' bhaile. Bidh buill de chomhairle a' bhaile, am bòrd-slàinte agus na Poilis a' beachdachadh air a' mholadh. Seo a' chiad sgeama de sheòrsa anns an Rìoghachd Aonaichte.

Gearastain

Bidh ministear an t-seann luchd-dìon, Keith Brown a' coinneachadh feasgar an-diugh ann an Inbhir Nis ri Comhairle na Gàidhealtachd agus Compairteachas Eaconamach Mhoireibh a bhruidhinn air suidheachadh Ghearastan Dheòrsa faisg air Àird nan Saor agus Cheann Lois ann an sgìre Mhoireibh. Tha ceist gu math mòr mu choinneimh na tha an dàn dhan dà ghearastan an-dràsta agus iomagain gu bheil Ministreachd an Dìon a' dol gan dùnadh.

Mark Carney

Thathar a' tuigsinn gu bheil Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, an dùil làn-theirm ochd bliadhna a chur seachad anns an dreuchd. Tha fathannan air a bhith a' dol gum faodadh gum falbhadh e às an obair ann an 2018. Bha seo an dèidh do chuid de Thòraidhean a bha airson Breatainn fhaighinn às an Aonadh Eòrpach iarraidh air Mgr Carney a dhreuchd fhàgail.

Ola agus Gas

Thuirt Ùghdarras na h-Ola 's a' Ghas gun d' fhuair iad tòrr iarrtasan anns a' chuairt mu dheireadh de thagraichean airson ceadan oifigeil. Sa chuairt as ùire, bhathar a' togail air sgìrean air nach eilear air mòran obair rannsachaidh airson ola a dhèanamh thuige seo de Chontinental Shelf na Rìoghachd Aonaichte. B' e seo a' chiad chuairt de thagraidhean de a leithid ann an còrr air fichead bliadhna.