Coinneamh mu ghearastain an airm

Dùn Deòrsa Image copyright Colin Smith/Geograph
Image caption 'S ann aig Dùn Deòrsa, a chaidh a thogail às dèidh Bliadhna Theàrlaich, a tha am Freacadan Dubh stèidhichte.

Cuiridh am ministear airson seann-shaighdearan ann an Riaghaltas na h-Alba, Keith Brown, a thaic ris an iomairt airson gearastain airm air a' Ghàidhealtachd 's ann am Moireibh a chumail fosgailte.

Tha Dùn Deòrsa agus Gearastan Chinn Lois an cunnart dùnadh.

Bidh am minsitear an Inbhir Nis aig coinneimh mun chùis le ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile.

Tha iomagain mhòr mun droch bhuaidh a bheireadh e air eaconamaidh nan sgìrean nan dùineadh an dà ghearastan.

Tha na dhà mar phàirt de sgrùdadh a tha Ministrealachd an Dìon (MoD) a' dèanamh an-dràsta.

Tha an MoD airson cuibhreann de na gearastain 's ionadan armaichte eile a th' aca air feadh an dùthcha a chur bhuapa.

Chuireadh iad an t-airgead ri feumalachdan ùra dìon, tha iad ag ràdh.

Tha an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus na comhairlean aig tuath mar thà air tagradh ris an MoD an aghaidh Dùn Deòrsa 's Gearastan Chinn Lois a dhùnadh.