Rabhadh mu fhèidh air na rathaidean

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhbbc
fo-thiotal an deilbhTha fèidh nan cunnart air rathaidean an taobh siar.

Tha SNH a' toirt rabhadh mun chunnart bho fhèidh air na rathaidean 's na gleocaichean a' dol air ais uair de thìde Là na Sàbaid.

Thèid rabhaidhean a chur suas air grunn rathaidhean air an taobh siar agus an iar-thuath - leithid an A9, an A82 agus an A835.

Bidh mu 7,000 tubaist le fèidh air rathaidhean na h-Alba gach bliadhna, agus tha dùil gu bheil seo a' cosg mu £7m dhan eaconamaidh eadar an call air carbadan agus a thaobh na tha de dhaoine gan goirteachadh annta.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh