Gearan mu Fhearghas Ewing
- Air fhoillseachadh

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun lean uallach airson croitearachd air Mgr Ewing fhad 's a tha iad a' rannsachadh na cùise.
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air gearain fhaighinn mun mhinistear le uallach na croitearachd, Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail Fearghas Ewing.
Tha Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, a' fàgail air Mgr Ewing gun do bhris e Còd nam Ministearan.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun lean uallach airson croitearachd agus a' Choimisein air Mgr Ewing fhad 's a thathas a' dèiligeadh ris a' ghearan.
Tha Cailean Ceannadach air a bhith fo ìmpidh a dhreuchd fhàgail às dèidh a' bhuairidh mu chomataidh-ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 7 An Dàmhair 2016
- 10 An Dàmhair 2016
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh