Crìonadh air ballrachd Eaglais na h-Alba

Eaglais na h-Alba
Image caption Thuit àireamh nam ball 30% thairis air deich bliadhna.

Thuit ballrachd Eaglais na h-Alba 30% eadar 2005 agus 2015.

Tha an eaglais a' cumail thaisbeanaidhean 's choinneamhan air feadh na dùthcha an-dràsta 's iad a' sireadh bheachdan air an t-slighe air adhart.

Thuirt an t-Urr. Eachann Moireasdan bho Cholaiste Diadhaireachd na Gàidhealtachd gu bheil crìonadh air a bhith a' gabhail àite anns gach eaglais fad 50 bliadhna ach gu bheil cùisean a-nis a' fàs duilich.

Chuir mòran dhaoine cùl ri Eaglais na h-Alba ri linn 's mar a chaidh gabhail ri ministearan gèidh, ach tha Mgr Moireasdan ag ràdh gu bheil eaglaisean eile air crìonadh fhaicinn cuideachd.

"Gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan tha sin air cron a dhèanamh anns an eaglais - tha grunnan de mhinistearan air an eaglais fhàgail agus grunnan de bhuill cuideachd ach 's e seo rud a tha a' tachairt anns gach eaglais - eadhon anns na h-eaglaisean a th' air am bonntachadh agus a tha ag radh gu bheil iad air am bonntachadh air an fhìrinn agus air Leabhar Aidmheil a' Chreideimh."

Chaidh togail cuideachd air aois nam ministearan 's 76.5% de mhinisearan co-dhiù 50 ann an 2015.

Bha na bu lugha na 5% dhiubh fo aois 40.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile