Coimisean ga chàineadh

Chuala coinneamh ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain gu bheil na trioblaidean taobh a-staigh Choimisein na Croitearachd air aire na buidhne a thoirt air falbh bho bhith a' brosnachadh a' ghnìomhachais.

Chaidh am beachd fhoillseachadh aig a' chiad choinneimh ann an sreath a thèid a chumail airson daoine a bhrosnachadh gus seasamh mar choimiseanairean anns an taghadh anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.

Thuirt Coinneach MacIllInnein, a tha na chroitear air taobh siar Leòdhais, gu bheil na th' air a bhith a' tachairt taobh a staigh a' Choimisein agus an dòigh anns an deach iad a-mach air comataidhean ionaltraidh air croitearan a dhì-mhisneachadh.

Dhiùlt Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacIllinnein, bruidhinn ris a' BhBC às dèidh na coinneimh, agus cha do thabhainn an Coimisean labhraiche eile dhuinn.