Inbhir Nis a' gluasad suas an Lìog

Lonsana Doumboya Image copyright SNS
Image caption Fhuair Lonsana Doumboya an dàrna tadhal dha Caley

Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis dhan t-sia as àirde anns a' Phrìomh Lìog 's iad a' dèanamh a' chùis air Tobar na Màthar Diciadain.

Bha an dà thaobh co-ionnan aig leth-ùine, ach rinn Caley a' chùis le trì tadhail air a' cheann thall.

Chuir Carl Termarco Inbhir Nis air thoiseach tràth anns an dàrna leth, an dèidh buille le Brad MacAoidh.

'S e a 2-0 a bh' ann goirid an dèidh sin, nuair a chuir Lonsana Doumbouya am ball seachad air fear-glèidhidh Thobar na Màthar Craig Samson.

'S fhuair Liam Polworth an treas tadhal dha na Caley Jags.

Beachd nam manaidsearan

Bha manaidsear Chaley Richie Foran air a dhòigh le mar a chluich an sgioba aige.

"'S e oidhirp air leth a bh' ann leis an sgioba. Thug sinn atharrachadh air an dòigh-chluiche aige agus thug sinn Aaron Doran a-steach dhan sgioba."

"Tha mi air mo dhòigh, nach do chaill sinn tadhal sam bith air falbh bhon taigh," thuirt e.

Thuirt manaidsear Thobar na Màthar, Mark McGhee, gun robh an dà sgioba faisg anns a' chiad leth, ach cha robh e toilichte idir le mar a chluich an sgioba san dàrna leth.

"Bha an dà sgioba cha mhòr co-ionnan anns a' chiad leth, ach bha sinn uabhasach truagh san dàrna leth."

"Channain-sa nach do chluich sinn cho dona sin, bho thill mi dhan chluba", thuirt e.