Coinneamhan mu Choimisean na Croitearachd

Fearann

Tòisichidh sreath choinneamhan oidhche Chiadain airson innse do dhaoine mu obair agus taghaidhean Choimisean na Croitearachd.

Tha an t-amas aca daoine a bhrosnachadh gus seasamh san taghadh airson choimiseanaran sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Bidh a' chiad choinneamh ann an Steòrnabhagh, agus buaireadh air a bhith a' dol bho chionn ghoirid eadar an Coimisean agus cuid de chroitearan ann an Leòdhas.

Dh'fhàg sin cuideachd mòran dhaoine ag iarraidh air Fear-Gairm a' Choimisein a dhreuchd fhàgail - ged tha e a' diùltadh sin a dhèanamh.

Thèid coinneamh Steòrnabhaigh a chumail ann an Taigh-òsta a' Chala, a' tòiseachadh aig 7:30f.

Tha deich coinneamhan gu bhith ann uile gu lèir, eadar Lèaruig ann an Sealtainn agus an t-Òban ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh riaghailtean ùra a chur mu choinneimh na Pàrlamaid airson mar a thèid taghadh nan coimiseanairean ùra a chumail.

Chaidh fhoillseachadh nach biodh ann ach sia roinnean taghaidh.

Bha mòran, Comhairle nan Eilean Siar nam measg, ag argamaid gum bu chòir gum barrachd na sia roinnean a bhith ann, seach gu bheil cuid de na roinnean a th' ann cho mòr 's gu bheil e duilich do dh'aon riochdaire a bhith an urra riutha.

Thèid coinneamh de Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Croitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a chumail Diciadain seo tighinn, le riochdairean bho bhuidhnean eile aig a bheil ùidh ann an croitearachd an làthair.

Bidh Ministear na Croitearachd, Fearghas Ewing, an làthair aig a' choinneimh cuideachd, rud nach eil àbhaisteach.