Ross County a' cur fàilte air Celtic

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhaodadh gum bi Stuart Armstrong ann an sgioba Celtic airson a' gheama an aghaidh Ross County.

Bidh Ross County às aonais a' chluicheadair-aghaidh aca Liam Boyce airson a' gheama an aghaidh Celtic Diciadain.

Chaidh a ghoirteachadh ma ghlùin, agus cha bhi e air chomas cluiche.

Bidh Tim Chow cuideachd a dhìth airson na Staggies ann am meadhan na pàirce agus e air a chasg.

Tha cha mhòr sgioba slàn aig Brendan Rogers ri thaghadh an dèidh na h-iar-chuairt-dheireannaich eadar Celtic agus Rangers.

Dh'fhaodadh gun tig atharrachadh neo dhà air a sgioba ge-tà ro na geamaichean an aghaidh Obar Dheathain agus Borussia Mönchengladbach san t-seachdain a tha romhainn.

Bidh cùisean doirbh do Ross County fiù 's aig an taigh, oir chan eil iad ach air aon gheama a bhuannachadh an aghaidh Celtic sa Phrìomh Lìog.

Rinn iad a' chùis 3-2 sa Mhàrt 2013.

Thuirt Manaidsear Ross County Jim Mac an t-Saoir gu bheil dùbhlan ron sgioba aige.

"Tha iad a' cruthachadh tòrr chothroman, agus tha lùths aca. Feumaidh sinne a bhith deiseil 'son sin," thuirt e.

Thog Manaidsear Celtic Brendan Rodgers air cho cudromach 's a tha an sguad air fad.

"'S e seusan fhada a th' ann, 's tha tòrr gheamaichean ri chluiche fhathast," thuirt e.