Chaidh tidsear ùr a lorg son Eilean nam Muc

Tidsear ùr Eilean nam Muc, Laura Marriner leis an duine aice Dean agus an dithis mhac, Atticus agus Teàrlach. Image copyright Highland Council
Image caption Tidsear ùr Eilean nam Muc, Laura Marriner leis an duine aice Dean agus an dithis mhac, Atticus agus Teàrlach.

Chaidh tidsear ùr a lorg son bun-sgoil Eilean nam Muc às dèidh iomairt sna meadhanan sòisealta a sgap air feadh an t-saoghail.

Chan eil ach naoinear sgoilearan san sgoil air Eilean nam Muc anns na h-Eileanan Tarsainn.

Chuir na h-eileanaich duilleag facebook air dòigh son tagraichean a thàladh às dèidh don tidsear mu dheireadh fhàgail air adhbharan teaghlaich.

Bha faisg air 60 neach air cur a-steach son na h-obrach agus tha an t-ùghdarras ionadail a-nis air tisdear làn-thìde fhastadh.

Bidh Laura Marriner, a shoirbhich leis an tagradh aice, a' gluasad chun an eilein leis an duine aige Dean agus an dithis mhac.

Beatha na coimhearsnachd

Tha i an-dràsta ag obair aig Comhairle Hampshire ach toisichidh i san sgoil ùir aice san t-Samhain.

Bidh an gille as sine aca, Teàrlach, cuideachd a' dol dhan sgoil ann an clas a h-aon.

Thuirt a' Bhean-phòsta Marriner: "Tha fadachd mhòr orm tòiseachadh sa chlas ann an Eilean nam Muc agus coinneachadh ris a' chloinn agus am pàrantan.

"Tha mi fhèin agus an duine agam an dòchas gun urrainn a dhol an sàs ann am beatha na coimhearsnachd cho luath sa ghabhas.

"Tha sinn a' toirt taic làidir do dhòighean-beatha maireannach agus dùil againn gum bi sin na bhuannachd ann an coimhearsnachd bhig eileanaich."