Ionad-deighe Inbhir Nis a' fosgladh as ùr

Ionad-deighe Inbhir Nis Image copyright Phil Downie Photography
Image caption Carolione Allan, Eilish Rennie, Emma Miller, Eoghan Dòmhnallach agus Tom Pendreigh

Thèid Ionad-deighe Inbhir Nis fhosgladh as ùr Dihaoine às dèidh dhaibh £700,000 a chosg air obair-leasachaidh.

Bidh Eoghain Dòmhnallach à Inbhir Nis, a ghlèidh trì buinn òir airson crolaidh, am measg na bhitheas an làthair aig tachartasan a tha dol thairis air an deireadh sheachdain.

Gheibh daoine cothrom geama crolaidh a cluiche le trì seiseanan a' dol Disathairne aig 10.00m 11.30m agus 14.00f agus bidh Eoghain Dòmhnallach a' toirt seachad cuideachadh agus bidh na buinn òir aige na chois.

Speileadh is Hocaidh

Bidh uidheamachd ri fhaighinn an asgaidh ach bu chòir dha duine sam bith a tha airson a dhol ann, aodach blàth a chur orra agus brògan treanaidh.

Didòmhnaich bidh spèileadh agus hocaidh a' dol, agus bidh na caractairean bhon fhiolm 'Frozen', a' Bhana-phrionnsa Elsa agus am bodach-sneachda, Olaf, an làthair cuideachd.

Thig cùisean gu chrìoch feasgar Didòmhnaich aig 17.30 le geama hocaidh eadar na 'Highland Capitals' agus na 'Inverness Hurricanes'.

Fhuaireas a' chuid is motha dhen airgid airson an leasachaidh bho Sportscotland agus Comhairle na Gàidhealtachd agus thathas an dòchas gum brosnaich na goireasan ùra luchd-spòrs òga.

Thuirt Cathraiche an Ionaid, Tom Pendreigh, gun do thog iad fhein £80,000 son a chur ris an obair agus tha'd a' coimhead air adhart ris a' ghoireas a bhith fosgailte as ùr.

"Tha an goireas airson a' choimhearsnachd air fad a chleachdadh 's tha sinn airson fàilte bhlàth a chur air daoine .