Brexit a' toirt buaidh air UHI

Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Image copyright Alpin Stewart/Geograph
Image caption Tha 35% den mhaoineachadh a tha UHI a' faighinn bhon taobh a-muigh a' tighinn on Aonadh Eòrpach.

Thuirt Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) gu bheil a' mhì-chinnt a tha a' cuairteachadh Brexit a' ciallachadh nach urrainn dhàibh gluasad càil nas fhaide air adhart le pròiseact mhòr.

Thuirt UHI gun robh an sgeama luach £30m, a' dol a chleachdadh airgid Eòrpaich gus sgilean dhaoine air a' Ghàidhealtachd a leasachadh.

Aig a' cheart àm thàinig rabhadh bho phrionsabal Oilthigh Ghlaschu, an t-Àrd-Oll. Anton Muscatelli, gur e oilthighean na h-Alba a dh'fhaodadh an call as motha fhulang nuair a dh'fhàgas Breatainn an EU.

Tha Muscatelli gu h-àraid a' togail cheistean mu dheidhinn maoineachaidh Eòrpaich airson phròiseactan saidheans, agus a thaobh saorsa ghluasaid taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich.

Tha UHI ag ràdh ge-tà, gur iadsan as motha air an tig call, seach gu bheil iadsan a' faighinn barrachd airgid bhon Aonadh Eòrpach na càch.

Thàinig £200m do dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean thairis air 20 bliadhna.

Cuideachd tha 35% den mhaoineachadh a tha UHI a' faighinn bhon taobh a-muigh cuideachd a' tighinn bho Aonadh Eòrpach.

Thuirt Stiùiriche Leaschaidh Eòrpaich UHI, Linda Stiùbhart, gu bheil iad mar thà air dàil a chur air aon phròiseact mhòr, seach nach eil iad cinnteach mu mhaoineachadh às dèidh 2018.