Dòchas mu leaghadair Rio Tinto

Leaghadair

Thuirt am BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abar, Iain Blackford, gu bheil e gu math dòchasach gun tèid an leaghadair aig Rio Tinto sa Ghearasdan a ghlèidheadh.

Tha còrr is 150 duine ag obair aig an leughadair aig Rinto Tinto sa Ghearasdan.

Dh'innis a' chompanaidh aig toiseach na bliadhna gun dèanadh iad ath-sgrùdadh air a' ghoireas, is dhearbh iad Dihaoine gu bheil iad a-nise ann an còmhraidhean gus a reic.

Dh'innis iad dhan luchd-obrach nach eil cinnt ann gun tèid a reic, is gun coimhead iad air a h-uile roghainn a th' ann mura tèid aonta a ruighinn.

Thuirt Mgr Blackford gu bheil esan e a' tuigsinn gu bheil ùidh aig buidhnean san leaghadair a bhiodh airson a ghlèidheadh mar a tha e, agus leasachaidhean eile cuideachd a chur air adhart aig an làraich.

Thuirt e gu bheil e gu làidir den bheachd gum bi an goireas ann anns na bliadhnaichean ri tighinn.